Ainm is Àite.

’S urrainn do dh’ainmean-àite ar toirt cuairt tron tìr agus tro eachdraidh gus coinneachadh ri daoine a tha air a dhol à cuimhne, agus faicinn thogalaichean, chraobhan no bheathaichean a tha air a dhol à bith. Innsidh iad dhuinn far an robh batail no far an do chaochail daoine.

Innsidh ainmean-àite iomadh rud dhuinn, chan ann dìreach mun tìr timcheall oirnn, ach mu na daoine a thagh na h-ainmean-àite sin. Tro ainmean-àite, coinnichidh sinn ri Gàidheil, Albannaich, Spàinnich, Èireannaich, Lochlannaich agus fiù ’s seann Chruithnich. Gheibh sinn sealladh air bodaich agus cailleachan, rìghrean agus banrighean, cìobairean agus sealgairean, bana-bhuidsichean agus sìthichean.

Tha ainmean-àite nam pàirt de leabhar inntinneach, sgrìobhte thairis air an tìr le daoine – dìomhair agus tarraingeach. Ach leis nach eil ar beatha anns an dùthaich mar a bha ar sinnsearan, thathar a’ call iomadh earrann den leabhar inntinneach sin. Tha am pròiseact seo an dòchas pàirtean den sgeulachd a ghleidheadh mus bi iad air an call gu sìorraidh.

Tha sinn an dòchas gun cleachd sibh na mapaichean, sgeulachdan agus clàraidhean gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu na sgeulachdan a chaidh à cuimhne co-cheangailte ris an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse is urrainn dhuinn ionnsachadh bho ainmean-àite.

Leader +Bòrd na GàidhligScottish Arts CouncilThe Highland CouncilDualchas

All images © The Duncan Macpherson Collection, Dualchas. Website by Pelican Design Consultants.